'S e seòrsa ghnĂŹomhachd steidhichte air adhbharan moralta, creideamhach, sòisealta, air neo poilitigeach, gu tric gus gearan a dhèanamh an aghaidh na thathas a' faicinn mar ana-ceartas a th' ann iomairteachd.[1] 'S ann air an speactram poilitigeach air fad a a chithear iomairteachd agus thathar ga cur an gnĂŹomh ann an cruthan gu tur eadar-dhealaichte, an dĂ chuid neo-ainneartach (litrichean gu pĂ ipearan-naidheachd poilitigeach, propaganda poilitigeach, stailcean, caismeachdan) agus fòirneartach, leithid cogadh guerrilla, armailteachd armaichte, suas ri ceannairceachd.[2] Chan fheum iomairteachd an-còmhnaidh a bhith a' buntainn ri gearanan agus sabaidean.[3] Mar eisimpleir, bidh luchd-iomairt creideimh ag atharrachadh an dòigh-beatha seach a bhith ag amas air atharrachadh anns na laghan; tha an gluasad co-obrachail aâ gealltainn institiudan Ăšra a bhrosnachadh a tha a rèir a phrionnsapalan gun a bhith aâ cur cuideam poilitigeach orra no a bhith a' dèanamh gearanan poblach. Tha iomairteachd eaconamach air a chuir an cèill nas mionaidiche tro bhoicotan agus tro bhith aâ faighinn smachd air roinnean no gnĂŹomhachasan sònraichte. Tha iomairteachd airson na h-Ă rainneachd cuideachd aâgabhail cuideam mòr an latha an-diugh.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tĂšs]- â Tarrow, Sidney (1998). Power in Movement: Social Movements and Contentious Politics (2nd ed.). Cambridge, UK: Cambridge University Press. ISBN 9781139076807. OCLC 727948411
- â Espinoza E., Vicente y Madrid P., SebastiĂĄn (2010). Trayectoria y eficacia polĂtica de los militantes en juventudes polĂticas. Estudio de la ĂŠlite polĂtica emergente. Mendoza: Universidad de Cuyo.
- â Karl R. Popper: Das Elend des Historizismus. 4. Auflage. Mohr, TĂźbingen 1974, ISBN 3-16-532721-1
- â Goodwin, Jeff; Jasper, James (2009). The Social Movements Reader: Cases and Concepts (2nd ed.). Wiley-Blackwell. ISBN 9781405187640
